← Table of contents
Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros

SIR SEORAS ROS I.

Reading edition

SAN t-seann aimsir b'abhaist do na Gaidheil caoidh mór a dhèanamh mu bhàs ceann-cinnidh, no neach eile air an robh mór spéis. B' e dleasanas a' phiobaire an coronach a thogail ri toirm na pioba; dleasanas a' bhàird cliù an laoich a chur air fonn nan dàn. B' i so an duais a b' àirde ris an robh dùil aig na flaithean Gaidhealach 's an t-saoghal so, maraon duais nam marbh agus misneachadh nam beo; oir cha robh àrd no iosal gun deidh air deagh bheachd a ghinealaich fein, agus air àite urramach fhaotainn ann an eachdraidh bhuan a dhuthcha.

Tha bàrdachd Oisein luchdaichte le trom thùrsa airson nam marbh gaisgeil a chuir deagh chomhraig 's a thuit 's a bhlàr:—

'Charuill, tog do ghuth gu h-àrd Air gach linn a bh' ann nach beò; Caithear oidhche ann am mìn dhàn; Faighear gàirdeachas 's a' bhròn. 'S iomadh saoi is òigh 'bu chaoin 'Ghluais o thùs a'n Innis-fàil. Is taitneach dàin air na laoich O thaobh Alba nam fuaim àrd. 'N uair a dh' aomas farum na seilg Fo ghuth Oisein nan caomh-rann, 'S a fhreagras aonach an deirg Sruth Chòna nan toirm mall. —Fionn. D. I. 565.

Agus, a rithis, mar tha e ag imeachd le ceum stàideil na h-aoise:—

A ghutha Chòna, 's àirde fuaim, A bhàrda tha luaidh mu aois, Do'n eirich air 'ur n-anam suas, Feachdan mór' nan gorm chruaidh laoch. 'S taitneach leam aoibhneas a' bhròin, Fo 'n lùb geug dharaig nan tòrr, 'S an duileach òg ag eirigh maoth, Togaibh-se, mo bhàird, am fonn.

Cha 'n fheil carrachan-cuimhne a's brèagha no a's maireannaiche na iadsan a dheilbheadh leis na bàird mhóra,—Alasdair Mac-Mhaighstir Alasdair, Dunncha Bàn Mac-an-t-saoir, Iain Lom, Iain MacCodrum, agus Iain Moireastan, Gobha na Hearradh, mar air Domhnullach na Tòiseachd:—

Bha do phearsa 's do ghluasad, Co tlachdmhor, neò-thuairgneach, is tlàth, Chor 's gur tearc iad thug fuath dhuit, Ged bu lionmhor bha fuaidht' riut a'n gràdh; Aig na h-ìslean 's na h-uaislean, Bha spéis dhuit, ged b' uaibhreach dhiubh pàirt, Ni dh' fhag t-iomradh g' a luaidh ac', Mar sgeul bròin o'n là chual iad do bhàs.

Explore with AITake your curiosity a little further.

Reading settings