III.
Reading edition
CHA robh aoidheachd bhlàth a' feitheamh air na Rosaich an uair a rainig iad an dachaidhean ùr ann an Ontario, oir cha robh neach sam bith aig ceann an uidhe a thoirt aoidheachd dhaibh. Bha 'n tìr falamh, fàs, ann an staid naduir, gun chraobh air a leagadh, gun taigh air a thogail: bha'n talamh, gun teagamh, reamhar, trom, ach bha i air a tur-chomhdach le coille gharbh a dh'fheumta chur deth bonn. B'e cleachdadh nan Gaidheal ann an Canada, gach coibhneas a' nochdadh d'an luchd-duthcha a bhitheadh a tighinn d'an ionnsuidh. Bha iad lamh-fhosgailte, fialaidh d'an co-chreutairean, gu h-àraidh d'am muinntir fein. Mar bu tric bhitheadh fios aca mios no dha roimh laimh gu'n robh seana choimhearsnaich a' tighinn, agus dheantadh ullachadh air an son. Aig an am cheart rachadh neach eòlach g'an coinneachadh air an t-slighe, chum an treòrachadh gu baile, far am bitheadh cairtealan deas air an son am measg nan càirdean. Gheibheadh iad fàilteachadh cridheil, coibhneil, agus an deidh la no dha 'dhol seachad a'leagail dhiubh sgios an turuis, rachadh fearann freagarrach a thogail air an son. Air dha so bhi deanta thòisicheadh an obair gun dàil; agus b'i sin an obair!
B'e cheud ni àite a thaghadh airson taigh-comhnuidh agus treabhair, faisg air am bitheadh uisge math airson duine is ainmhidh. Bu tric so air bruaich sruthain far an cluinnte torman caoin an uisge, no air bràigh tomain seasgair, a ghlacadh araon deò ùrail an t-samhraidh agus gaoth ghrianach an fhogharaidh. Ach air iomadh baile-fearainn cha robh idir sruth no tom, loch no bealach; bha mhórchuid 'na mhachair chomhnaird fad mhìltean air gach taobh. Air tìr de'n t-seòrsa so dh' fheumta tobar a chladhach fada fodha 's an talamh, agus ri thaobh rachadh na taighean a chur suas. Air do'n bhaile agus làrach nan taighean a bhith air an taghadh, chruinnicheadh na coimhearsnaich gus an togail. Bhitheadh obair ann daibh uile. Bhitheadh na craobhan ri ghearradh sios chum làraich a dheanamh do'n taigh, oir b' ann 's a' choille a bha 'n gniomh ri dheanamh. Dh' fheumadh an làrach a bhith cho farsuing 's nach tuiteadh craobh 's am bith a leagadh stoirm air an taigh. Rachadh, a'n sin, làrach an taighe a thomhas, agus a reiteachadh, agus ùrlar comhnard, reidh a dheanamh airson nan seòmar. Mur bu tric bhitheadh na taighean de'n aon mheud is dealbh; far am bitheadh teaghlach mór, bhitheadh seòmar no dha a bharrachd air an cuir ris an taigh, ach am bitheantas 's i bhitheadh ann fardach de tri no ceithir a sheòmraichean, mu dheich throidhean fichead air a fad, agus mu fhichead troidh air a leud. Anns a' chuid bu mhotha dhiubh bhitheadh lobhta air am bitheadh àite-laidhe òganaich an teaghlaich, agus, ri cliathaich an taighe bu dual do sheòmar cùil no dha a bhi ann airson nan nighean. Fo'n ùrlar bhitheadh seilear air a cladhach, anns am bitheadh measan, luibhean-gàraidh, biadh is annlann air an dion bho theas 's bho fhuachd na h-aimsir. B'ann car mar sin bha cumadh nan taighean-comhnuidh a bha nis gu bhith air an togail. Bha 'n sgil bu mhotha feumail airson oisinnean an taighe agus bhitheadh ceathrar dhaoine tapaidh a' frithealadh do'n ghnothuch sin. Bhitheadh na craobhan bu fhreagarraiche air an gearradh sios 's air an slaodadh le daimh gus an làrach. Bhitheadh iad a'n sin air an leagail sios 's an àite cheart, a' cheud shreath air bunchar cloich, agus chuireadh na h-oisinnich a'n eagan a cheile iad, g'am fiaclachadh gu gramail, eagnaidh, mar bu chòir. Ged nach robh inneal saorsainneachd aig na daoine ach an tuagh, bhiodh oisinnean agus ursainnean an doruis is nan uinneag air an gearradh cho glan, 's air an suidheachadh cho coimhlionta 's ged bu chlachan snaighte de'm bitheadh iad air an deanamh. Mar a rachadh na ballachan suas bhitheadh sogan air na daoine, oir bu taitneach an ni a bhith faicinn na h-aitreibh ag éiridh gu h-eireachdail fo'n laimh. Sreath air sreath, craobh air a sìneadh air craoibh, rachadh na ballachan suas gu àirde ochd no naoidh troidh, agus, a' n sin, thoisichte air am mullach a thoirt a steach. Cha b' ionnan mullaich nan taighean so agus mullaich nan seann taighean beaga Gaidhealach. A'n so cha robh maidean-ceangail móra, maide-droma, sparran-tarsuing, sailthean taobhanach, cabair, ceannabhaidhean, no maide-feannaig. Agus cha robh am mullach, biorach, àrd, no cas, mar 's an t-seann dùthaich, ach, an cumantas, car plod, iosal; gun ach beagan claonadh bho'n druim-àrd gu bràigh a' bhalla. Bhitheadh am mullach air a thoirt a steach, le bhith cur craoibh air na tulchainnean, 's air na taobhan, uair mu seach gus an tigeadh an da thaobh, uidh air an uidh, ri chéile, 's a'n sin bhitheadh am mullach deas airson an tughaidh. Cha b'ann de sgrath, no fraoch, no fodar a bhitheadh an tughadh, ach mar bu tric de rùsg chraobhan móra, mar am beith no'm basswood. Bu ghnàth leò an rùsg a ghearradh a'm bloidhean gach aon mu cheithir troidhean air fad, agus bho throidh gu ochd oirlich deug air leud. Rachadh an tairngneadh ris na taobh-shailthean, car coltach ris mar a chuirear sgliatan suas, oir na h-aoin a' tighinn dha na thri oirlich thairis air oir na h-aoin eile. Bha so a' toirt an deagh thughadh dhaibh, dìonach agus blàth agus buan. Bhitheadh an teintean aig ceann an taighe. Bho lic gu mullach bhitheadh an similear air a dheagh chreadhadh, agus b' ainneamh an aon anns nach bitheadh tarruing mhath air a' cheò. A réir a chomais chuireadh neach ùrlar fiodh, leachdan, no creadh, 'n a thaigh, an toiseach, ach cia air bith mar thòisichte, cha b'fhada gus am bitheadh an fhardach seasgair, goireaseach.
A chionn nach robh na craobhan de'n robh am balla air a thogail, snaighte, bhitheadh iomadh fosgladh eadar na sreathan tre 'n tigeadh gaoth is fuachd, agus chum so a bhacadh thionailte coinneach agus spealgan de fhiodh 's rachadh an dinneadh a stigh anns na tuill gus nach fàgta a h-aon diubh neò-dhionach.
Mu'n tigeadh an geamhradh rachadh taobh muigh agus taobh stigh an taighe a chreadhadh, oir cha robh aol deiseil an toiseach. N' am bitheadh móran sluaigh an làthair bhitheadh an taigh air a thogail ann an aon latha; còrr uair ghabhte dha na thri làithean g'a dheanamh. An uair bha'n obair so dol air a h-adhart, faodar bhith cinnteach nach robh dearmad air biadh is deoch do 'n chuideachd. Fad seachdain roimh laimh bhitheadh àirde air a chuir air a' ghnothuch, 's 'n uair a chruinnicheadh na daoine air an làrach bhitheadh na mnathan ullamh le teachd-an-tìr. B'e teachd-an-tìr, da rìreadh, an lòn a bhitheadh aca; cha bhitheadh dad dheth o bhùth no bho mharsanta, ach gach spiolag bho'n tìr a bha iad fein ag àiteachadh. Bhitheadh aran coirce, is aran cruithneachd gu leòir ann, 'n a bhuilionnan móra, car coltach ri bonnaich Mhicheil; sithionn, bho'n fhrìth-choille phreasanaich, 's an robh gach seòrsa, mór no meanbh, ri 'm faotainn, 's mar an ceudna eoin-choille a'm pailteas. Rachadh an fheòil a' bhruich ann an coireachan móra, agus bhitheadh brot air a dheanamh de'n t-sùgh le measgadh de luibhean a' ghàraidh. Bu dual, mar an ceudna, do dh' uisge-beatha na dùthcha bhith ann, 's cha bhitheadh maille air an òl. Bha na briuthais lionmhor 's bha'n deoch furasda faotainn, mar tha i'n diugh, 's bu bheag a prìs. Airson seachd sgillinn shasunnach gheibhte da bhodach dheth, no searrag a chumadh an ceathramh cuid de ghalan. Còrr uair bhitheadh tuille 's a chòrr deth air a ghabhail, ach mar bu tric tha e ri chreidsinn gu robh measarrachd air a cleachdadh. Gun teagamh bhitheadh feisd mhór aig crich na togalach, agus bha deagh nàbachas air àrach 's air a neartachadh am measg nan coimhearsnach.
Ach cha do sguir an coibhneas ann an so. Bha tuille ri thighinn. Bheireadh cuid de na mnathan bu chomasaiche leotha aodach-leapa, is goireasan beaga airson taigheadais an teaghlaich,—ach air son sin dheth, bha na nàbaidhean gu léir deas gu cach-a-cheile a chuideachadh a réir uireasbhuidh agus comais gach neach fa leth.
B'e sin an doigh anns an robh a' cheud chuid de na Gaidheil a thainig gu Ontario a' tòiseachadh, 's a' deanamh am beò-shlàinte. Bha cuid de na taighean beaga so a mhair ceud bliadhna; bha iad comhfhurtail agus sheas iad gu math an latha fein. Thubbairt Iain Rusgain, an sgriobhaiche ainmeil, gu'm b' ann as na taighean beaga, dubha 's a' Ghaidhealtachd a thainig na saighdearan bu treuna, 's na daoine bu mheasara a chunnaic an saoghal riamh. Air a mhodh cheudna dh'fhaoidte a radh gu'm b'am bho Shantaidhean fiodha nan coilltean a thainig luchd-stiùraidh Chanada,—na ministeirean, maighstirean-sgoile, lighichean, luchd-lagha, buill-phàrlamaid agus uachdarain na tìre. Dh'eirich iad bho staid iriosail, onorach, gu inbhe àrd le'n dichill 's le'm misneach féin.
An deigh do theaghlach tuineachadh air an fhearann, thoisicheadh iad air a reiteachadh 's air a ghlanadh. Mar thug sinn fainear cheana cha b' i obair shocrach so, gu h-àraidh far nach robh eòlas na tuaighe aig na daoine. Mar tha' n sean-fhacal ag radh:
"Is i namhaid duine a' cheaird nach cleachd e."
B'iomadh neach 'n am measg nach do leag craobh riamh, agus a bha ni b' eòlaiche air coin 's air caoraich, air lion-éisg, 's air treabhachas, na bha e air innleachd na coille 's air inneal fir-ceairde. Airson an lethid sin bha' n obair gle dhoirbh gus an do mhaighstirich iad i. Cha robh faochadh ri fhaotainn ach tre'n chleas cheart ionnsachadh le dian-chleachdadh. Bha so ni b' fhurasda do na daoine òga na do na seana dhaoine a bha suidhichte 'nan gnàths,—"An car a bhith's an t-seana mhaide 's duilich a thoirt as."
Bha aon de na daoine so a bha bho Airde Mhic Shimidh, a thug dhomh iomadh sgeul air na làithean cruaidh troimh'n deach e féin agus a chompanaich. Aon uair chaidh e féin agus coimhnearsnach astar air chuairt a shireadh oibre. Cha robh facal Gaidhlig aig an duine leis an d' fhasdadh iad, agus cha robh acasan ach corra fhacal beurla. Bha na daoine sgairteil, dichiollach, gu leòir, ach aineolach air an obair—gearradh sios chraobhan—a ghabh iad a'n laimh, is bha iad, mar sin, a' cur am mach an neart gun mór sgoinn. Aon la mar bha na fir ann an teas oibre, fear air gach taobh de'n chraoibh, a dian leagail gu tubaisdeach oirre le'n tuaghan, thainig fear-a' bhaile far an robh iad, 's ag amharc car tacan air an doigh sheochlanaich a bh'aca, thuirt e 'na chainnt féin: "Man, John, work like that is perfectly ridiculous." Cha b'fhios do Iain ciod bu chiall do'n fhacal mu dheireadh de'n achmhasan so, ach shaoil leis gu'm b'e mionn grathail a bh' ann, is dh'eirich a chorruich, oir bha e air a chruaidh chur, 's air a shàrachadh gu goirt leis an obair. Sheall e gu feargach air an tuathanach, is thilg e am mionn mór, mar shaoil esan, air ais 'na aodann, ag radh: "Yes, a dhuine bhochd, it is 'perfectly ridiculous,' is gabh do leòir dheth." An uair a dh' fhalbh an tuathanach thuirt Domhnull: "Iain, Iain, 'de thug ort sid a radh ris an duine? Ge b'e air bith an tàmailt a chuir e ort, cha bu choir mionn tigh'nn as do bheul. Cha b'e sin an eisimpleir a fhuair thus' is mise bho na daoine còir a dh'àraich sinn, 's cha'n fhaod sinn sin a dhi-chuimhneachadh." Ars' an duine còir, le priobadh 'na shùil: "Bha sinn le chéile aineolach, cha b'ann a mhàin air an tuaigh, ach air a' bheurla, cuideachd, agus chaidh iomadh la seachad mus do thuig a h-aon dhinn brigh an fhacail 'ridiculous'; ach air a shon sin deth, thog a' chuid bu mhotha dhinn, le sior-chleachdadh, beurla gu leòir, airson gnothaichean an latha a chur air an adhart, agus, mar an ceudna, chum na searmoin a leantuinn air an t-sàbaid."
A lion beag is beag bha iad a' fàs eòlach air an doigh-oibre, agus bha na craobhan a' tuiteam romhpa. An uair a bhitheadh dha na tri acair air an gearradh sios, chuireadh na coimhearsnaich an guaillean ri chéile, aon uair eile. Ach ciamar a dh'fhaodar sgeul an euchd a bha nis ri dheanamh, a chur ann an altan a chéile? Cha'n fhacar riamh co-fharpuis ni bu ghéire na bhitheadh ann, a' slaodadh an fhiodha do'n chruaich-theine, far an loisgteadh e eadar bhun is bhàrr; agus cha'n fhacar féill no faidhir riamh a thogadh sunnd nan daoine mar a dheanadh an Logging Bee mar theirte 's a Bheurla Shasunnach ris an dian-iomairt so. B'e'n cleachdadh aig am mar so, tiodhlacan bìdh a chur do'n teaghlach aig am bitheadh an cródhadh fiodha, agus cuide riu rachadh cuid de na nighneagan a fhrithealadh aig am dinnearach agus suipearach. Chruinnicheadh móran sluaigh agus bhitheadh othail nach bu bheag orra a' cur furain air cach a chéile, agus a' beachdachadh air rian na h-oibre. Rachadh na daoine a'n ordugh oibre air an raon 'n an tri bhuidheannan. Bhitheadh aon bhuidheann de dhaoine seòlta aig a' chruaich, a' gabhail an fhiodha mar a thigeadh e staigh, g'a chàrnadh suas sreath air muin sreath a' cumail an teine beò, leis a' bharrach. Bhitheadh tuaghadairean tapaidh a' gearradh gheugan de na craobhan, a' sgioblachadh a' bharraich agus a' reiteachadh fri-rathadan airson nan slaod. Bhitheadh an tritheamh buidheann sgaoilte thairis air an achadh, gach sgioba 'na h-àite féin, le aon chuing dhamh agus dithis no triùir dhaoine do gach sgioba, le acfhuinn thaghta, goireasach aig laimh. Bha 'ghniomh féin fa chomhair gach neach 's 'n uair thigeadh an t-am bhiodh na daoine teth gu tòiseachadh. B'ann a'n sin a bhitheadh an strith. B' i 'n obair shonraichte na craobhan a shlaodadh bho'n àite 'san robh iad a laidhe gus a chruaich-theine agus b'i 'n strith co an sgioba a chriochnaicheadh a cuibhrionn féin an toiseach. Bhitheadh am fear bu treasa, 's bu treuna de'n sgioba air ceann na sgioba sin, 's cha bhiodh fairtleachadh na h-oibre air, ge b'e cho doirbh 's a dh'fhaodadh i bhith. Bhitheadh cuid de na craobhan ro throm; cha b'urrainnear ach a h-aon a chur 's an t-slabhruidh aig aon am. Air uairean bhitheadh an rathad cam, cuagach, air feadh nan stochd, doirbh ri dheanamh le cuing throm de dhaimh mall-chasach 's a bheairt. Dh' fheumta cùram agus seòltachd a chleachdadh gus an làd a shlaodadh am mach, agus mar a bhitheadh na daoine a' leigeil an inntinn air an obair, 's a' teasachadh rithe, chluinnteadh gleadhraich nan teanga gu h-àrd a' brosnachadh nan damh, 's a' misneachadh cach a cheile. An deidh na dinnearach na'm biodh piobaire 's a chuideachd, bheireadh e laimh air a' phioba, is sheideadh e suas puirt beothail sùgrach, a thogail spionnadh nam fear 's an cumail gu dian ris an obair. Bhitheadh na h-uile innleachd air a cleachdadh chum an raoin a reiteachadh mu'n tuiteadh dorchadas na h-oidhche, agus bu mhór moit na sgioba a choisneadh a cheud àite. Bu tric duais-buadhaich a bhuileachadh orra aig an t-suipeir, 's bhitheadh an cliù mar dheagh luchd-oibre air a dhaingneachadh. An deidh do'n talamh, a bhith, mar so, air a reiteachadh rachadh uachdar na talmhainn a sgriobadh le caibe, agus an luaithre a sgaoileadh thairis air. Anns an fhonn so rachadh an siol a chuir, agus as thigeadh deagh thoradh 's an fhogharadh.
Bha nis duais an saothrach air a mealtuinn leò; chuir iad an siol ann an dòchas deagh fhogharaidh, oir bu mhór an curam a bha'n crochadh ri sin; chaidh seal goirid seachad, thainig am bàrr a staigh gu sealbhach, agus bhuain iad le mór shubhachas, 's cha b'ionghnadh e. Gun dàil an deidh na buana bhitheadh am bualadh ann, agus bu taitneach da rireadh a bhith cur a cheud làd de'n ghràinne do'n mhuileann. Mar bu tric cha bhitheadh rathad-móra ann, ach, a mhàin, frith-rathad troimh'n choille. Rachadh an damh soitheamh, earbsach, uil'-fheumail, uidheamachadh agus bho bhuiseal gu leth, gu dà bhuiseal choirce a cheangail air cùl a ghualainn, 's le so dh' fhalbhadh fear-an-taighe, no aon de na gillean do'n mhuileann. 'Nam bitheadh an t-slighe fada, bhitheadh an oidhche ann mu'n tigteadh dhachaidh leis a' mhin, ach ge b'e cho anmoch, chumadh an t-annas gach neach de'n teaghlach, bho'n leanabh gus an t-seanamhair, air am bonn, a dh' fhàilteachadh ceud toradh an fhearainn. Ach corra uair cha bhitheadh muileann ann d'am b'urrainn daibh a dhol, agus cha robh ni b' fhearr aca na'm bràth anns am bitheadh an gràinne air a bhruthadh le pronnadair. Tha iomradh air aon bhràth shonraichte a rinn athair an t-Siorraim Mhic Ealair nach maireann, a rinn an gnothuch 's an àite 's an robh e, fad iomadh bliadhna, gus an deach muileann a thogail. Tha'm bràth ainmeil so, a nis, ann an taigh-coimhid ann an Toronto, far am bheil móran sluaigh o chaoch-la àitean de'n t-saoghal 'ga faicinn na h-uile bliadhna.
An uair a thigeadh an geamhradh cha bhitheadh éis air an obair. Bhitheadh na daoine, òg is sean, a' gearradh na coille; bhitheadh tigheadas air laimh nam boirionnach, 's cha bhitheadh eadhon na pàisdean diomhain. Ann am fallus an gnuis bha iad uile ag itheadh arain; ach a'n cois a' bhonnaich bhig bha 'm beannachd. 'S an tràth fheasgair bhitheadh sùrd air an teaghlach aig bun an teine thiorail. Bhitheadh na boirionnaich a' càrdadh, a' sniomh, a' fighe, 's a' càramh aodaich; na fir a' grèusachd bhròg, a' toinneadh ascairt, a' geurachadh shàbh, a' cur laimh ùr ann an tuaigh, no nithean feumail de'n t-seòrsa sin. Bhitheadh còmhradh ann a reir suidheachadh an teaghlaich. Bhitheadh iomadh ni ùr aca ri innse a dh'ionnsaich iad mu'n tìr gus an d' thainig iad, ach bhitheadh a' chuid bu mhotha de'n t-seanachas mu'n duthaich 's mu na càirdean a dh' fhàg iad 'n an deidh. Corra uair bhitheadh céilidh de na coimhearsnaich ann le 'cuid òrain agus sgeulachdan gun ghò:
"Air gach gaisgeach fearail greann'or Bha 's a' ghleann 'n uair bha iad òg."
Bhitheadh an cleasan fein aig a' chlann, agus is iongantach mar a lean cuid diu anns na teaghlaichean ud gus an la'n-diugh. Bliadhna no dhà roimhe so bha'm fear-sgriobhaidh ann an àite de Ontario far am bheil còmhlan Ghaidheal. Bha clann beaga a' cluiche agus b'e 'n cleas a bh' aca, bioran maide loisgte gu éibhille aig aon cheann, a chur mu'n cuairt cho luath 's a b'urrainn daibh, 'n uair bhitheadh iad ag radh na facail so, a dh' ionnsaich iad o'n seanamhair, 's a fhoghlum ise aig Ionarnais 'n uair bha i 'n a caileig a'n sin:
"Dilean, dealan, déigh, Tha na féidh air an loch; Tha Mac-Shimidh as an déidh, 'S cha teid na féidh dhachaidh nochd."