IV.
Reading edition
CHAIDH naoi bliadhna seachad bho'n am 's an do shuidhich Seumas Ros aig Narunn, Ontario. Bha na neoil a' bristeadh, bha na h-achaidhean a' dol am farsuingeachd, agus bha goireasan an taighe a' meudachadh. Anns an àite so, air an ochdamh la deug de mhios mheadhonach an Fhoghair, 's a' bhliadhna ochd ceud deug da fhichead 's a h-aon, rugadh Seoras Ros. Cha robh mór ailghios no mór uireasbhuidh a' feitheamh air. Bha'n teaghlach a' fàs ràthail, agus bha 'n sgoile faisg air laimh, air sràid Ghlaschu, mar theirte ris an rathad-mór a bha 'dol troimh'n sgìre, agus b'e ainm a mhaighstir, Tearlàch MacCoinnich. Bha Seoras 'na dheagh sgoileir, dichiollach agus curamach. Bha e làn de feala-dha agus deidheil air cleasan neirt mar a bha camanachd, a' ruith reisean, a' gearradh shùrdag, a' gleachd agus a' cur na cloiche. Bha e luath-chasach, aotrom, agus cho aighearach 's a b' urrainn do ghiullan smearail slàinteil a bhith. Aig na ceilidhean ann an taigh athar, no ann an taighean nan coimhearsnach mar bha Mac-an-tòisich, Mac-Lachluinn, agus Mac-Griogair, bha e deas mar aithrisear bhàrdachd. B'iad oibre Thomais Chaimbeil a b'fhearr leis,—"Nighean Thighearna Ulainn," "Bairnigeadh Lochiall," agus "Catha Hohenlindein,"—le orain de'n t-seorsa sin, b'iomadh uair a thug e togail inntinn do na bhitheadh an lathair.
Thog e dreuchd maighstir-sgoile agus chaidh e, 'se fathast 'n a bhallachan òg, do'n deicheamh Concession air taobh-an-ear do shràid Ghlaschu, a theagasg. Bha so ann an sgìre Williams. Bha tri rathadan móra anns an sgìre air an ainmeachadh air na h-àitean bho'n d'thainig an sluagh 's an t-seann duthaich,—Sràid Ghlaschu, Sràid Phettit, agus Sràid Earraghaidheil. Bha da theaghlach de na Rosaich 's an àite,—na Rosaich Móra, 's na Rosaich Beaga,—a reir am fiamh 's an coltais. B'ann do na Rosaich Beaga a bhuineadh Sir Seoras, ach mar robh a bhodhaig neo-chumanta mór bha aige inntinn chumhachdach, ghreimeil, iomadh-fhillte, lughor. Bha meamhair chuimhneachail, ealamh aige, air chor 's gu'n robh e furasda dha araon seanachas agus aireamhachd a chumail 'na cheann. Cha b' fhad an ùine gus an do choisinn e cliù mar fhear-labhairt dealasach, gu sonraichte air taobh na Stuamachd anns an do shaothraich e fad a bheatha; cleachdadh a dh' ùigheamaich e airson an dreuchd àrd a bha 'feitheamh air.
Bho Williams chaidh e gu Melrose, dluth ri Lunnainn, Ont., a theagasg sgoile. Ann an so thainig e fo bhuaidh cuid de na daoine comasach air an do chuir e eòlas anns a' bhaile. 'Nam measg bha buidheann de luchd-lagha òga a bha am bitheantas ag cnuasachadh cor na duthcha, 's a' sgrudadh bheachdan càch-a-cheile air ceisdean an latha. Thàladh so 'inntinn gu bhi rannsachadh cuisean air a shon fhein, is thoisich e air leughadh nam paipeirean-naigheachd agus leabhraichean-eachdraidh gu geur, mionaideach; cleachdadh a lean ris ri bheò. Bha 'n am fàbharach airson a leithid de dh'fhein-fhiosrachadh. Bha Roinnean móra Chanada air dol a'n comh-bhann, agus bha uachdranachd ùr air teachd a staigh le nithean cudthromach r'a dheanamh agus bunaitean na duthcha r'a shocrachadh. Cha b' urrainn do dhuine òg am ni b' fhearr a mhiannachadh, no cothrom ni bu fhreagarraiche iarraidh airson seirbhis a dhuthcha. 'Sa bhliadhna so—1867—an uair a bha e sè bliadhn' ar fhichead, a dh' aois, chuir e ainm fa chomhair coinneimh thaghaidh na Liberals airson parlamaid, an aghaidh Tomas Scatcherd. Cha deachaidh leis an tràth sin; bha òige 'na aghaidh, agus a bharrachd air sin, b' e Mr. Scatcherd am ball-parlamaid aig an am, mar bha athair roimhe, 's bha 'n teaghlach d'am buineadh e cliuiteach am measg thuathanach Nissouri, an sgìre 's an robh a' chuid mhór de'n luchd-taghaidh a' comhnuidh. Ged nach do shoirbhich leis 's a' chuis so, chaidh chomharrachadh am mach mar dhuine gealltanach, a bhuadhaicheadh a'n deagh am. Mu'n am so chaidh Mr. Ros do'n sgoil Normal far an d' ullaich se e fein gu bhi 'na fhear-ceasnaichidh sgoilean, agus air dha so a dheanamh, dh' fheuch e ris an dreuchd so a thoirt am mach ann an siorramachd Mhiddlesex. Bha a chuid bu mhotha de Chomhairle na siorramachd de na Tories agus chaill e an t-àite mar a shaoil e fhein, an los na rinn e ann an 1867 air taobh na Liberals. Ghabh e an ni gu cridhe. Air an t-slighe dhachaidh thuirt e ri Iain Waters, dluth charaid dha, a bha aig an am 'n a Reeve air Williams-an-ear:—
"Tha mi a so suas cuidhte gnothaichean riaghlaidh na tìre. 'S mithich dhomh cumail ri m' dhreuchd, 's ri sin amhàin."
Fhreagair Mr. Waters: "Na can thusa ni sam bith mar sin, airson, ma dh' fhaoite, am bi thu duilich an deidh so."
Thachair gu'n robh Comhairle shiorramachd Lambton a' suidhe aig an am cheudna. Bha chuid bu mhotha dhiubhsan 'n an Liberals. Chuala iad mar a thachair ann am Middlesex. Air an ath mhaduinn chuir iad fios-dealan do'n Rosach gu'n robh dreuchd cheasnaichidh Lambton air a thairgse dha na'n gabhadh se e. Dh' fheuch Mr. Ros an sanas so do Mhr. Waters, a thilg gu h-ealamh air:—
"Gu de mu dheidhinn politics, a nis, mo charaid? Tha thu a' faicinn gu'm bheil da fhaobhar air a' chlaidheamh!"
Ghabh Mr. Ros ris an tairgse agus lean e ris an dreuchd sin an deidh dha bhi na bhall-parliamaid airson Middlesex-an-iar. Cuid de'n ùine so bha e 'n a fhear-ceasnaichidh sgoile ann am baile Straruaidh. An duais a fhuair e airson na h-oibre so, thug e seachad, ged nach bu duine saoibhir e, airson dhuaisean do sgoilearan a' bhaile, a chum am misneachadh 'n am foghlum. Bha dèidh aige a bhi sgriobhadh do na paipeirean-naigheachd agus bha sgriobhaidhean bho pheann ri 'm faotainn gu tric anns an Advertiser a'n Lunnainn, an Expositor a'n Seaforth, agus an Age ann an Straruaidh, a bha geur agus comasach. Aig a' cheart am thainig, an drasd 's a rìsd, bhuaithe, duan agus oran a bha teisteil agus an eatorras math. Bha iad air taobh na stuamachd agus saorsa na duthcha bho dhroch riaghladh. 'Na òige rinn e dàn air "An ni tha dhìth air Canada" anns an d'thug e fainear na caochladh seòrsa dhaoine a thogadh suas cinneach chliùiteach anns an duthaich so,—daoine onarach, tapaidh, saor-thoileach, subhailceach, treuna, measarra, uasal, duthchasach, agus thug e an dàn gu crich leis na briathran shunndach so:—
"Sin na daoine, a Chanada, a dh'eireadh suas o d' fhonn mhaoth! Sin na daoine gu bhi 'g iomchair slat-rioghail do neart, gu bhi riaghladh thairis air do shleibhtean móra, gu bhi sgriobhadh ann an eachdraidh, gloir t' ainme."
Fad a bheatha cha do dhichuimhnich e na smuaintean àrda so; bha e air a lionadh o òige suas le eud airson Chanada, tìr a bhreith is àrach. Ach cha deachaidh na bliadhnachan so seachad ann an diomhanas a thaobh foghluim 'na dhreuchd, agus a thaobh oileanachd eile. Bha e sior strith air adhart, a' dioghlum ann an iomadh achadh thorach, a' carnadh suas stòrais 'na inntinn a bhiodh luachmhor agus feumail dha 's na làithean ri teachd.
'S mithich, nis, facal no dha a radh mu theaghlach Mhr. Rois. An uair bha e teagasg sgoil' aig Lobo, 's e bliadhna ar fhichead a dh' aois, b' i aon de chuid sgoilearan Cairistìona Chaimbeul, nighean Dhunnchaidh Chaimbeil, Lobo, fear a mhuinntir Earraghaidheil. Dh'fhàs an càirdeas a thòisich a'n sin gu làn abuchadh agus phòs iad 's a' bhliadhna 1862. Bha iad posda deich bliadhna, 'n uair chaochail ise, agus b' e la a h-adhlacaidh an la air an deachaidh esan a thaghadh, an toiseach, do'n Pharlamaid. Bha coignear theaghlach aca, dithis mhac agus triùir nighean. Chaochail an gille bu shine, Seumas Cowper Ros, 'n a naoidhean agus dh'fhàs càch gu ìre duineadais. Phòs Mr. Ros an dara uair, 's a bhliadhna 1875, Ceit Boston, nighean Robeirt Boston, ann an siorramachd Mhiddlesex. Chaochail ise 's a bhliadhna 1902 ann an Toronto. Bha acasan aonar mhac agus triùir nighean. Coig bliadhna an deidh bàs an darna bean phòs e Mildred Peel, nighean Iain Robeirt Peel, a' n Lunnainn, Ont., a tha fathast beò. Bha na mnai sin ro eireachdail, banail, suairce. Bha iad 'n an taic mór dhà-san tre bheatha shàrachail, euslanaich. Tha'n dithis mhac 'n an daoine tapaidh, ràthail. Tha 'm fear as sinne, Dunncha Caimbeul Ros, 'na fhear-lagha ann an Straruaidh, 's na bhall-parlamaid aig Ottawa, far am feil e 'foillseachadh a chomais-labairt 's a sheòltachd gu soilleire. Tha 'n darna mac, Seòras Uilleam Ros, 'na lighiche ann an Toronto. Choisinn e, mar tha, àrd-ainm 'na dhreuchd. Tha iad, le cheile, 'nan daoine duthchasach, coibhneil, anns am bheil gné a' Ghaidheil a' cinntinn gu nadarra, reidh. Tha na nigheanan pòsda gu cothromach, comhfhurtail, 's a' togail theaghlach chliùiteach, ghasda, 'tha na'n samhladh chiatach air òigridh Ghaidhlich Chanada.