← Table of contents
An address to Highlanders respecting their native Gaelic

THE GAELIC BANNER. BRATACH NA GAELIC.

Reading edition

’S gu’m b’éibhinn, gu’m b’éibhinn, Gu’m b’éibhinn a’ Bhrataich i, ’S gu’n leumainn, gu’n leumainn, Gu’m leumainn le h-aiteas rith: Teannaibh dlùth le aon rùn,— Teannaibh dlùth gu cabhagach, Cuiribh ’n àird i ’s gach àit Biodh gu h-aluinn ’crathadh i, ’S aig éigheach, aig éigheach, Aig éigheach gur maireann i. ’S gur spéiseil, gur spéiseil, Gur spéiseil ri labhairt i! ’S gibht o Dhia i gach ial Chaoidh nan cian cha dealaich rith? Fhuair i àit ann ar gràdh, Tha ri ’r nàdur ceangailte, ’S cha tréig sinn, cha tréig sinn, Cha tréig sinn ’n ar n-anam i; ’S cha ghéill sinn, cha ghéill sinn, Cha ghéill sinn, do’n t-Shasunnach, An e so seana Chabair-féidh? Cumaibh suas a’ Ghàelic ghrinn Ann ’ur srathaibh ’us ur glinn; Deanaibh ’teagasg do ur cloinn, ’S na cuireadh Goill fo’n casan i. Labhraibh i gu sgairteal dàn Gun aon rugh ’n ’ur gruaidh le nàir; Anns a’ bhaile ’s air an t-sràid, Ged bhiodh e làn do Shasunnach. Cumaibh suas, &c. Cainnt na h-aoigheachd ’us na fàilt, Cainnt a’ chaoimhneis ’us a’ ghràidh, A bheir aoibhneas ’s gean gu fàs, ’S a chuireas blàth’s ’n ’ur n-aignidhean. Cumaibh suas, &c. Cha b’ionnan i ’s Bhanshas’nnach mhòr ’Rinn àrd sgoileirean na h-Oigh, Le Gréigis thioram, ’s Laidionn reòt, ’S ann chuir iad còmhdach’ sneachdaidh oirr. Cumaibh suas, &c. Cha’n’eil i tioram, [2]crainntidh, fuar, Mar bhean mhòr-chuiseach na h’uaill, Mu bhios sibh pòsda ri bidh truagh, ’Us ni le fuachd ’ur [3]meileachadh ’S dh’ fheumadh pige dh’ uisge sgàld, A chuir fo bhonn ’ur cos ’se làn, ’S còmhdach tlàth o’r ceann gu’r sàil Mu’m blàthaich sibh ’san leaba leth. Cha b’ionann i ’s a’ [4]chruinneag chòir, Nighinn a’ Ghàel ’s a’ cridh a’ teòth, Tha innte blàth’s ’us tlus gu leoir, ’S i gun mhòrchuis ceangailt rith. Cumaibh suas, &c. A bhan-[5]Ephiteach ’s a’ bhan-tràill Na gabhaibh steach an caidreamh blàth, Na bean-taigh’ na biodh gu bràth, Biodh i ghnàth ’na ban-oglaich. Cumaibh i ri obair chruaidh, Biodh i mach ri am an fhuachd, (Ged tha i làn do ’n stràichd ’s do ’n uaill); Oir tha [6]ghruagach cleachdta ris. Cumaibh suas, &c. Tha ’feachd ’sa h-armailt ri dian strì, Gach bochd ’us beairteach thoirt fo ’cìs, ’S a cuir ’n a suidhe mar bhanrìgh, Anns an tìr mar [7]Ealasaid. Ach fhad ’s a bhios an fhuil gu blàth, ’Ruith ann an cuislibh nan Gàel, Cha dean iad strìochdadh dhi gu bràth Ged ni sgàin ’s a chraicionn i. Cha cheadaich iad d’am [8]Màiri ghrinn, Mhàlda, bhanail, cheolmhòr bhinn, Bhi gun tròcair call a cinn Leis a’ mhilltear Shasunnach. Cumaibh suas, &c. Am maighstir-sgoile anns gach àit Deanaibh ghrad chuairteachadh gun dàil, ’S abraibh ris gu daingean, dàn’, “Cha leig ’ur cànain seachad sinn!” “’S dean thusa ’teagasg do ar cloinn, A chum ’s gu ’n leugh iad i le sgoinn, ’S nach bi iad uimpe mar na doill ’Us na Goill ri fanaid orr’. “’Us àill leinn thu dhoibh theagasg beurl, A chum ’s gu ’n tuig iad i ’s gu ’n leugh, Ach do ’n Ghàelic thug sinn spéis, ’S thoir-sa éisdeachd ealamh dhuinn.” Cumaibh suas, &c. ’S gach neach ’n ur measg a chi ’ur sùil ’Us earball peacaig air a chùl, ’Le uaill ’s le mòr-chuis a chion-tùir A’ diùltadh bhi ga labhairt ruibh. Labhraibh ris gun mhodh gu grad, Abraibh ris gun sgeig, gun mhag’; Tha sinne ’faicinn mach troimh t’aid’ Cluasan fad na h-asail ort! Cumaibh suas, &c. Tha Goill ’us Sas’nnaich tigh’nn ’nam brùchd A nios le carbadan ’n a smùid, ’S ni iad a fògradh as an dùth’ch Mar grad dhùisg na h-Athalaich’. Dùisgibh, dùisgibh, ’luchd mo ghaoil, Seasaibh le dùrachd air a taobh, ’Bratach gu sùrdail deanaibh sgaoil, A chum ’s a ghaoth gun crathadh i. ’S na bodaich dhubh ’n taobh thall [9]Lochbraon, Abraibh riu le h-iolaich glaoidh, Nach ’eil sibh uile gabhail nàir, ’S gu’n d’fhàg sinn n’ ur [10]cadal sibh? Nach ’eil fo nàir sibh thaobh ’ur dùth’ch’, Ris a bhan Ghàel bhi cuir ’ur cùl, ’S mar na tràillean lub ’ur glùn ’S toirt ùmhlachd do ’n bhan Shasunnaich! Cumaibh suas, &c. Gach creag ’us coire, stùchd ’us càrn, Gach lag ’us cnochd, ’us slios, ’us learg, Gach glaic ’us tullaich, eas ’us allt, Tha ’labhairt cainnt ar n-athraichean, Tha guth ri chluiantinn o gach fonn,— Gach dail, ’us bail’, ’us dùn, ’us tòm,— Gach beinn, ’us coill, ’us leachduinn lòm Tha gu pongail ’labhairt iad. Cumaibh suas, &c. Nach ro mhuladach an sgeul, Ma bhios ’ur gincil thig ’n-’ur déigh Gun aon smid dhi ann am beul, Ach i gu lèir mar Laidionn doibh. [11]Dal-an-amair an Gleann Ile? Cha tuig aon anam tha ’s an tìr An [12]t-alltan burn rinn iad na bhurn; Ach ’n a bhurn ’us cabhbaig air. Cumaibh suas, &c.

Notes in this chapter

Explore with AITake your curiosity a little further.

Reading settings